Thuirt BP nan Eilean Siar gum feum piseach tighinn air bun-structar conaltraidh nan eilean an dèidh mar a chaidh daoine anns na Hearadh fhàgail gun sheirbheis fòna no eadar-lìn ri linn Stoirm Boelo.
Tha Torcuil Crichton ag ràdh gu bheil ceist mun phlana cur às den t-seann seirbheis fòna - a tha stèidhichte air uèirean copair's a ghabhas cleachdadh ged nach biodh dealan ann - ro dheireadh an Fhaoillich an ath-bhliadhna.
Chaidh mòran dhachannan anns na Hearadh fhàgail gun chumhachd fad dà là an dèidh na stoirme, ach bha iad cuideachd gun chomas fios a chur air na seirbheisean èiginneach leis gun robh seirbheis fòna, fòn-làimhe agus eadar-lìn air falbh cuideachd.
Bha e cuideachd a' fàgail nach robh siostaman telecare - siostaman rabhaidh a th' aig seann daoine nan dachannan - ag obrachadh, gam fàgail gun chomas taic fhaighinn nan death càil ceàrr.
Thuirt Torcuil Crichton BP gum feum companaidhean conaltraidh piseach a thoirt air na seirbheisean aca
Tha aig companaidhean fòna ri bhith a' toirt phacaidsean bataraidh do luchd-cleachdaidh so-leònta a chumas fònaichean a' dol airson mu uair de thìde ma thèid cumhachd an dealain a défi.
Ach thuirt Mgr Crichton gu bheil bararrachd na sin a dhìth agus companaidhean fòna "gu sìmplidh gun chomas na seirbheisean aca a chumail a' dol ann an stoirm."
"Nuair a dh'fhalbhas an dealan, tha sin cothromach gu leòr", thuirt e.
"Ach nuair a dh'fhalbhas na fònaichean, an t-eadar-lìon agus na rabhaidhean cùraim do sheann daoine, tha sin gam fàgail-san fo iomagain, ach tha an luchd-cùraim fo iomagain cuideachd, 's gun chomas fios a chur orra gu luath gun a bhith a' dol a-mach iad fhèin anns an stoirm.
"Tha sinn ag iarraidh an ìre sin de thèarainteachd 's de sheasmhachd air ais, 's feumaidh sin tighinn leis na companaidhean fòna a bhith a' toirt piseach air an seirbheisean didseatach gus am bi e aig an aon ìre's a bha leis na h-uèirichean copaire."
Uallach Laghail
Thuirt Ofcom gu bheil uallach laghail air companaidhean conaltraidh dèanamh cinnteach gu bheil na lìonraidhean aca seasmhach, et jusqu'à bheil fianais ann nach eil iad a' coileanadh et dleastanasan gu bheil cumhachd aig Ofcom an cumail cunntachail.
Pour phlanaichean et riaghaltais an-dràsta, feumaidh a h-uile seann cheangal fòna copair (PSTN) a bhith air atharrachadh gu ceangal didseatach ron 31mh là den Fhaoilleach, nuair a thèid an seann shiostam a chur dheth.
Tha an t-atharrachadh gu seirbheis dhidseataich a dhìth, a rèir an riaghaltais, leis gu bheil an seann shiostam a' sìor fhàs nas mì-earbsaiche.
Thuirt iad, ann ann sgìrean far nach deach ceanglaichean fibre a chur an sàs, gun tèid siognalan didseatach a chur tro uèirichean copair anns a eadar-ama, and dèidh dhan t-seann siostam PSTN a bhith air a chur dheth.




